COMANN EACHDRAIDH UIBHIST A TUATH (CEUT) - NORTH UIST HISTORICAL SOCIETY
  • Dachaigh | Home
  • HERITAGE / DUALCHAS
    • DUALCHAS / HERITAGE
  • Mu ar deidhinn | About
    • Ballrachd - Become A Member
    • Terms & Conditions
  • Dè tha dol? | Events & Courses
  • Pròiseactan | Projects
    • Aire Air Sunnd - Wellbeing
    • Island Hands Across The Atlantic
    • Cladach Agus Machair - Shoreline and Machair
    • A' cruinneachadh airson 2048 - Collecting for 2048
    • North Uist Sound Archive
    • Taigh-Tasgaidh gun Bhallachan - North Uist World War 1 Virtual Museum
    • Virtual St Kilda
    • Co-obraichean / Other Collaborations
  • Meadhanan | News
    • Writing Competition - Winners >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
    • Tomhais Seo! - Guess This!
  • TACHARTASAN/Past Events
  • Goireasan | Resources
  • Bloga | Blog
  • Cuir fios | Contact

Seumas - Oidhche ann an taigh mòr Bhàlaigh

Aon fheasgar brèagha chaidh Seonaidh gu eilean Bhàlaigh a tharraing dealbhan
dhen t-seann thaigh. Thug e leis an cù beag, robach aige air an robh an t-ainm Bob.
“Thugainn Bob, carson nach tèid sinn a-staigh dhan taigh?” thuirt Seonaidh nuair a
bha iad a’ coiseachd tarsaing a ghainmheach.

Thug Seonaidh na mìlltean de dhealbhan am broinn an taighe. Cha robh mullach idir
oirre, bha i fuar agus falamh. Bha e a’ fàs anmoch agus bha Seonaidh airson a dhol
dhachaigh, choimhead e a-mach air an uinneag agus chunnaic e gun robh an làn air
tighinn a-staigh. “Obh obh! Chan fhaigh sinn dhachaigh,” dh’èigh e. Ruith Seonaidh
cho luath sa b’ urrainn dha sios chun a chladach agus thòisich e air èigheachd.
Dh’èigh agus dh’èigh Seonaidh gu cruaidh ach cha do thànaig duine.

“Bidh againn ri fuireach an seo fad na h-oidhche,” thuirt Seonaidh ri Bob. Bha e a’
fàs dorcha agus eagallach agus bha iad a’ cluinntinn na rodain a’ sgròbadh anns na
ballachan.

An ath latha thàinig croitear chun an eilean agus chuala e Bob a’ bìgeil agus a’
comhartaich. Ruith e a null chun an taighe far an do lorg e Seonaidh agus Bob nan
sìneadh air an talamh. Thug e dhachaigh iad far an robh an dithis aca a’
faireachdainn blàth, sàbhailte agus fortannach.
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath is a Scottish Charitable Incorporated Organisation: SC047186
Proudly powered by Weebly
  • Dachaigh | Home
  • HERITAGE / DUALCHAS
    • DUALCHAS / HERITAGE
  • Mu ar deidhinn | About
    • Ballrachd - Become A Member
    • Terms & Conditions
  • Dè tha dol? | Events & Courses
  • Pròiseactan | Projects
    • Aire Air Sunnd - Wellbeing
    • Island Hands Across The Atlantic
    • Cladach Agus Machair - Shoreline and Machair
    • A' cruinneachadh airson 2048 - Collecting for 2048
    • North Uist Sound Archive
    • Taigh-Tasgaidh gun Bhallachan - North Uist World War 1 Virtual Museum
    • Virtual St Kilda
    • Co-obraichean / Other Collaborations
  • Meadhanan | News
    • Writing Competition - Winners >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
    • Tomhais Seo! - Guess This!
  • TACHARTASAN/Past Events
  • Goireasan | Resources
  • Bloga | Blog
  • Cuir fios | Contact