Dualchas/Heritage
Ann an Uibhist a Tuath, mar a tha sna h-Eileanan Siar gu lèir, tha measgachadh saibhir den eachdraidh ris am faodar is nach fhaodar beantainn. Eadar an tuama-cloiche mòr bho Linn Ùr na Cloiche aig Barpa Langais agus na h-aitreabhan-cloiche is na h-aitreabhan-tughaidh air mhaireann air feadh an eilein, tha an dùthaich air a bhith mar dhachaigh do dh’iomadh ginealach dhaoine thairis air na mìltean de bhliadhnaichean. Tha bloighean den t-saoghal seo a dh’fhalbh gan nochdadh fhathast le obrachadh na gaoithe is an làin gun sgur air costa cugallach na machrach air taobh siar Uibhist a Tuath.
Tha coimhearsnachdan air an eilean an-diugh ag obair gun sgur gus eugsamhlachd cruth-tìre nàdarra is cultarail Uibhist a Tuath a ghleidheadh, cho math ris a’ Ghàidhlig a tha aig cridhe na h-ìomhaigh aice. Chan eil an t-eilean againn air a ghlacadh ann an tìm, ge-tà, agus tha saoghal an là an-diugh a’ toirt àrainneachd do eachdraidh shòisealta shaibhir nan coimhearsnachdan againn, air a glacadh sna mìltean de dhealbhan, nithean is sgeulachdan a tha mar mheadhan drùidhteach gus ceangal a dhèanamh ri beatha nan ginealach a chaidh romhainn bho là gu là. .
Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath (CEUT), buidheann-bhallrachd bheothail a tha stèidhichte san eilean, a’ cur taic ri raon farsaing chur-seachadan is thachartasan an lùib an dualchais, a tha a’ dèanamh sgrùdaidhean is mhìneachaidhean le mac-meanmna air eachdraidh is cultar saibhir an eilein
Cruinneachaidhean & Tasglann Coimhearsnaichd
Tha dualchas agus eachdraidh na choimhearsnachd air an riochdachadh leis na chruinnich Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath de nithean bhon naoidheamh agus am ficheadamh linn deug ann an Uibhist a Tuath. Tha an Morning Star, bàta a thogadh ann an Griomasaigh, cuideachd leis a’ Chomann Eachdraidh.
Bho chionn goirid ghabh buidhean leasachaidh os-làimh Sgoil Chàirinis. Tha iad am beachd airgead fhaighinn gus an gluais iad na chaidh a chruinneachadh à stòr na Comhairle ann an Tòrlum.
A bharrachd air an sin, tha mu 3500 dealbh aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Tha a’ chuid as motha dhe na dealbhan air an cumail ann an Taigh Chearsabhagh far a bheil iad rim faicinn saor an-asgaidh. Cuideachd tha Tasglann Runrig le iomhaighean a’ sealltainn eachdraidh a’ chòmhlain bho 1973 chun an latha an-diugh.