COMANN EACHDRAIDH UIBHIST A TUATH (CEUT) - NORTH UIST HISTORICAL SOCIETY
  • Dachaigh / Home
  • Mu ar deidhinn / About
    • Co-obraichean / Other Collaborations
    • Ballrachd / Membership Form
    • Cuir fios / Contact
    • T&C
  • Pròiseactan / Projects
    • Cladach Agus Machair
    • Dualchas digiteach / Digital Heritage
    • A' cruinneachadh airson 2048 / Collecting for 2048
    • Sunnd/Wellbeing
    • Hands Across The Atlantic
  • Dè tha dol? / News, Events & Activities Gallery
    • Tomhais Seo / Guess This
    • Writing Competition >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
  • Meadhanan / CEUT Media
  • Goireasan / Resources
  • Bloga | Blog

Lachina Macvicar - Eubhal

Picture
(Eubhal bho’n Eilean Leathainn - Am Faoilleach 2012)

Seo an sealladh a bh’ agam bho uinneag a chidsin airson coig bliadhna deug air
fhichead agus a h-uile latha ge brith de‘n t-side bh’ann bheireadh e togail dhomh.
Tha mise dha’n bharail gur e seo te dha’n na h-iomhaighean as snoige ‘s na
Uidhistean.

De’n t-iongnadh gu’n d’ thug baird agus sgriobhadairean urram dha’n bheinn seo.
’Nuair bhios mi tilleadh air an iotalan ‘s na thig Eubhal ‘nam fhianius tha fios agam
gu bheil mi dhachaigh agus thig na facail aig Domhnull Ruadh Chorunna gu’m
chuimhne

“Tha Eubhal mo ghraidh sa am bliadhna mar bha i
Cu’n chaochladh ‘n caradh, gu blath agus ciuin”


Aon latha bha mi air cheilidh air Chrissie, piuthar mo mhathar (bha sealladh snoc
aig Chrissie cuideachd air Eubhal). Bha sinn a bledreich agus a cur an t-saoghal
ceart agus ‘nuair bha mi falbh thubhairt i rium “uair sam bith ma bhios uallach ort
smaointich air rudeigin “solid” – do mhathair no Eubhal”
Bith e toirt gaire orm fhathast.
Picture
Bho’n Rudha Dhubh, Griomasaigh (An Dubhlachd, 2020)

‘Nuair a ghluais mi dha’n tigh as a bheil mi’n drasda ged tha sealladh snoc agam air
beinn Rueval chan fhaicinn idir Eubhal. Co- dhiubh goirid an deigh sin choisich mi
fhin agus an cu dha’n mhoinntich agus bha Eubhal a sid mar a bha i riamh – mar
gum bitheadh a bheinn ag radh ruim “tha mi seo fhathast” ags thug e salm 121 gu’m
inntinn.

Nach sinn tha fortanach far a bheil sinn a fuireach.
CEUT is a Scottish Charitable Incorporated Organisation: SC047186
Proudly powered by Weebly
  • Dachaigh / Home
  • Mu ar deidhinn / About
    • Co-obraichean / Other Collaborations
    • Ballrachd / Membership Form
    • Cuir fios / Contact
    • T&C
  • Pròiseactan / Projects
    • Cladach Agus Machair
    • Dualchas digiteach / Digital Heritage
    • A' cruinneachadh airson 2048 / Collecting for 2048
    • Sunnd/Wellbeing
    • Hands Across The Atlantic
  • Dè tha dol? / News, Events & Activities Gallery
    • Tomhais Seo / Guess This
    • Writing Competition >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
  • Meadhanan / CEUT Media
  • Goireasan / Resources
  • Bloga | Blog