COMANN EACHDRAIDH UIBHIST A TUATH (CEUT) - NORTH UIST HISTORICAL SOCIETY
  • Dachaigh / Home
  • Mu ar deidhinn / About
    • Co-obraichean / Other Collaborations
    • Ballrachd / Membership Form
    • Cuir fios / Contact
    • T&C
  • Pròiseactan / Projects
    • Cladach Agus Machair
    • Dualchas digiteach / Digital Heritage
    • A' cruinneachadh airson 2048 / Collecting for 2048
    • Sunnd/Wellbeing
    • Hands Across The Atlantic
  • Dè tha dol? / News, Events & Activities Gallery
    • Tomhais Seo / Guess This
    • Writing Competition >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
  • Meadhanan / CEUT Media
  • Goireasan / Resources
  • Bloga | Blog

Pàdruig Morrison - An Carraig fo Fhuair Sinn ar n-Àrach


Sheas thu
ann a shin,
fo na h-ionnsaighean o shean,
gun ghluasad ‘s gun seacadh
fo bhualadh na gaoitheadh
ged a bhiodh peacadh an diugh gad thruailleadh;
a’ charraig chaoimh,
a’ charraig chìnnteach,
a-chaoidh mar chas-dhìreach,
a’ stiùreadh ar coimhearsnachd
tro stroimean na beatha.

Choimhead thu
le do shùil
oirnn gach uair,
mar a sheas mo sheanair
le shùilean ortsa -
gad leughadh gach là
mar a choimheadadh tu gu h-àrd
gun tuigeadh e’n t-sìde bha tighinn:
’s tusa bha riaghladh na rinn e
’s nan ìnnseadh tu dhuinn e,
b’ann fad linntean a rinneadh sin dhuinn.

Smaoinich thu
air na thachair bhuat
tro na bliadhnaichean luath:
Na croitean a threabh air am fàgail,
’s taighean anns a robh, cho falbh
gun ar ceòl neo ar cànan -
saoil an cùm an coimhearsnachd
a chùm thusa tro na ceudan,
an dìleab a ghlèidh i le gràdh?

Dh’fhairich thu
mar a mhilleadh sinn thu;
ar cruaidh fheum air stuth
a ghrad-shadas sinn
dhan na stuadhan grinn,
’s a chruinniches ann am brìgean
mar shalachair air na cladaichean
’s a sìor mhileas na Trìlleachain,
a mharbhas na creutaran,
’s a thachdas do nàdar.

Sheas thu
far a sheas thu fad linntean
nar measg gu cìnnteach -
is chofhurtaich thu sinn,
le do sheasmhachd nar tìr;
O Eubhal ’s tu nach atharraich,
’s tu mar chuideachadh dhar màireach,
an carraig fo fhuair sinn ar n-Àrach.
CEUT is a Scottish Charitable Incorporated Organisation: SC047186
Proudly powered by Weebly
  • Dachaigh / Home
  • Mu ar deidhinn / About
    • Co-obraichean / Other Collaborations
    • Ballrachd / Membership Form
    • Cuir fios / Contact
    • T&C
  • Pròiseactan / Projects
    • Cladach Agus Machair
    • Dualchas digiteach / Digital Heritage
    • A' cruinneachadh airson 2048 / Collecting for 2048
    • Sunnd/Wellbeing
    • Hands Across The Atlantic
  • Dè tha dol? / News, Events & Activities Gallery
    • Tomhais Seo / Guess This
    • Writing Competition >
      • Lachina MacVicar
      • Pàdruig Morrison
      • Eva
      • Seumas
      • Geoff Daniel
      • Helen Forbes
      • Geoff Daniel
      • Elissa Hunter-Dorans
      • Katie
      • Rachel
  • Meadhanan / CEUT Media
  • Goireasan / Resources
  • Bloga | Blog